puxill (puxill) wrote,
puxill
puxill

Sealladh Dreagain

às an leabhar-lann de seallaidhean neo-shaoghalta (aig puxill)
Dimàirt 20mh am Faoilleach
an deicheamh latha air fhichead a' Gheamhraidh
(an tritheadamh)

An-dè chaidh mise is duine agam dhan ionad-slàinte a tha ann an Baile a Deas. Fhad 's a bha iad a' dol air ais dhachaigh, chunnaic mi dreagan. Bha air clàr sanais-reic ri taobh an rathad. ('S e dreagadh a tha ann am facal eile airson sanas-reic, a rèir Dwelly. Tha mi a' smaoineachadh gum bheil sin èibhinn.) Bha sanas-reic airson companaidh a solairidh connadh is teasachadh.

Bha an dreagan a' còmhdachadh an dara leth a' chlàr agus bha faclan air an leth eile; faclan a ràdh dè an t-ainm a tha air a' chompanaidh agus dè a nì e. Bha an dreagan air a' chlàr sanais-reic a' tilg teine.

Bha mi eadar mo chadal agus mo dhùisg ach chunnaic mi an dreagan air a' chlàr sanais-reic agus smaonich mi gur bu math sin.



'S e dreagan-sear a bha ann an dreagan air a' chlàr sanais-reic. Bha uaine agus bha sgiathan coltach ri ialtaig agus lannan air. Tha mi a' smaoineachadh gun robh e coltach ri Smaug a bha an dreagan air a thachair Bilbo.

A rèir an leabhar "The Dragonology Handbook" le Ernest Drake, tha trì seòrsaichean dreagain-shear; an dreagan Eòrpach (Draco occidentalis magnus), an "Gargouille" (Draco occidentalis minimus) a bha a seòrsa dreagain-cloiche, agus an dreagan-reòthadh (Draco occidentalis maritimus).

Buinidh an dreagan-Eòrpach do na Eileanan Bhreatainn agus an Roinn-Eòrpa. Bidh iad dearg no uaine no òir-bhuidhe no dubh. Ithidh iad crodh agus caora. Agus ithidh iad daoine ach cha toigh leotha gu math; tha blàs geur orra. Fuirichidh iad ann an uamhan anns na beanntan air muir no air tìr agus cruinnichidh iad ionmhas.

Fàsaidh an dreagan Eòrpach gu dà fhichead 's còig troighean a dh' fhad agus eadar trì agus seachd troighean deug a dh' airde fhad 's a dh'fàsas na dreagan Gargouille gu còig troighean deug a' dh' fhad agus eadar ochd is deich troighean a dh' airde. Chan bhi iad ri fhaighinn anns na Eileanan Bhreatainn; buinidh iad anns an Roinn Eòrpa a-mhàin. Fuirichidh dreaganan Gargouille anns na bailtean-mòra dhen Roinn Eòrpa, air mullach de na h-àrd-eaglaisean agus togalaichean Gotach eile. Ithidh iad radain agus calmain ('s e sin - radan air iteig) agus cait agus coin. Bidh an dath dubh-ghlais no dubh-liath orra.

Bidh an dreagan reòthadh cho geal ri deighe no sneachd a chionn 's gu fuiricheas iad anns na tìrean de deighe is sneachda, far a bidh e fuar fuar a-riamh. Bidh iad oidhcheach. Fàsaidh iad cho mòr ri dreaganan Eòrpach ach bidh dreaganan Eòrpach nam dùisg air an là. Agus fhad 's a b' urrainn do dà chuid dhiubh a bhruidhinn cha toigh le dreaganan reòthadh agus cha chuiridh fear stad air dreaganan-Eòrpa.
Tags: dreaganan, field guide, fiosrachadh, leabhar-lann, neo-shaoghalta, uile-bheist
Subscribe
  • Post a new comment

    Error

    Anonymous comments are disabled in this journal

    default userpic

    Your reply will be screened

    Your IP address will be recorded 

  • 1 comment