puxill (puxill) wrote,
puxill
puxill

Sìthich Nollaige - 2na ' Gheamhraidh

Às leabhar-lànn neo-shaoghalta

Dimairt, 23 an Dùbhlachd
2na ' Gheamhraidh

Bha duene sìth ann, anns an ospadal. Uil, thuirt e gur e duine sìth a bh' ann ach tha mi a' smaoineachadh gun robh e fear de luchd-obair a' Bhodaich Nollaige.

Thuirt e gur e Hercules an t-ainm a tha air.

Chan eil fios agam dè tha air, ach tha coltas gum bidh e a' call Oidhche Nollaig tha cinnteach.


Fhad 's am bidh "elves" air a thoir mar ainm air an luchd-obair a' Bhodaich Nollaige, chan e daoine sìth sam bith iad gu dearbh. Tha mi a' creidsinn gur seòrsa gruagach no brunaidh iad, no troichean 's dòcha. 'S e sìthichean tha cinnteach, ge-tà Bidh iad ag obair a h-uile bliadhna a' dèanamh na tìodhlaicean a bhios am Bodach Nollaige a' thoirt do clann aig Nollaig. A rèir beul-aithris, fuirichidh iad aig a' Phòla a Tuath, ann an ceardach Bodaich Nollaige.

Tha cuid ag ràdh gur sìthich Bodach Nollaig cuideachd. Tha cuid eile ag ràdh gur naomh e. Chan eil fios agam dè tha ceart. 'S dòcha le chèile.
Tags: field guide, folklore, leabhar-lann, sithichean
Subscribe
  • Post a new comment

    Error

    Anonymous comments are disabled in this journal

    default userpic

    Your reply will be screened

    Your IP address will be recorded 

  • 1 comment