puxill (puxill) wrote,
puxill
puxill

Sgeulachd : A' Chaointeach

from Folk Tales and Fairy Lore in Gaelic and English
collected from oral tradition by Rev. James MacDougall (1910)

p. 214

A' CHAOINTEACH
Sgeul mu Bhean-Shìthe


Is e Bean-Shìthe a bha anns a' Chaointich. Bha i a' leantainn Chlann Mhic Aoidh agus fhineachan eile 'san Roinn Ilich. An uair a bhitheadh bàs a' dol a thachairt an aon de na fineachan sin, thigeadh i dh' ionnsaidh tigh an duine thinn le tomaig uaine m'a guailnibh, agus bheireadh i seachad rabhadh d'a theaghlach le caoidhearan brònach a thogail taobh a mach an doruis. Cho luath is a chluinneadh càirdean an duine thinn a guth, chailleadh iad dòchas r'a dhol am feobhas. Chuala iad a' Chaointeach a' tuireadh, agus bu leòir an dearbhadh sin leò gu'n robh a chrìoch aig làimh.

Ach sguir a' Chaointeach a thabhairt sanais seachad do mhuinntir na Ranna. Chualadh i mu dheireadh aig tigh 'san àite sin o cheann iomadh bliadhna.

Bha 'san àm duine tinn air a leabadh bàis agus a chàirdean a' fetheamh air. B'e an geamhradh a bha ann, agus bha an oidhche fliuch, fuar, le uisge agus le gaoith. Sheas i muigh aig dorus an fhuaraidh de'n tigh; agus thog i an sin caoidhearan muladach. Chuala an teaghlach a caoidh; agus ghabh aon aca a leithid de thruas di, is gu'n deachaidh e mach air dorus an fhasgaidh, agus gu'n d'fhàg e aice seann bhreacan air àite suidhe, a bha aig taobh an doruis. Phill e stigh an sin, agus ghlaodh e rithe: "Thig, a bhean bhochd, air taobh an fhasgaidh ; agus cuir umad cirb de mo bhreacan." Air ball sguir an tuireadh; agus o sin gu so cha chualadh agus cha'n fhacadh a' Chaointeach 'san Roinn.
Tags: fairy_lore, folklore, sgeulachd
  • Post a new comment

    Error

    Anonymous comments are disabled in this journal

    default userpic

    Your reply will be screened

    Your IP address will be recorded 

  • 1 comment