puxill (puxill) wrote,
puxill
puxill

Taibhse

às an leabhar-lann de seallaidhean neo-shaoghalta
an darna latha deug am Faoilleach
an darna latha air fhichead a' Gheamhraidh

Bha mi ag aisling sa mhadainn seo agus anns m' aisling bha mo chàraid Pòla ag tadhal. Chaochail Pòla o chionn bliadhna no dhà agus tha mi ga h-ionndrainn gu mòr. Bha mi toilichte ga faicinn sa mhadainn seo. Dh'innis i dhomh gu bheil i a' dèanamh cairdean an-sin far an robh i agus dh'oideach fear dhiubh an raonadh ann an aisling. Thuirt i gun robh an àite far an robh i snòg gu leòr ach bha fadachd oirre; chan eil eadar-lìn aice agus chan eil coimpiutaran aca ge-tà.




Bidh taibhsean na seallaidhean neo-shaoghalta nas cumanta agus tha iad air a bhith faicinn ann an aisling as cumanta uile.

Dè tha taibhse? Dh'fhaodadh e gur e taisbean de pearsa a tha marbh no beò (nach eil làthair, tha fios) no taisbean de creutair (mar cù no cat) no rud (mar trèan-taibhseach no bàta-taibhseach) a tha ann an taibhse. 'S e bàta-taibhseach as ainmeile uile a tha ann an The Flying Dutchman.

Tha liuthad seòrsa de taibhsean; an taibhse clasaigeach leis cuibhrichean agus anartan-bàis agus gearanan; an taibhse a dhèanamh a' cheart nì uair is uair; an taibhse a nochdaidh air a' cheart là gach bliadhna; agus an taibhse no taisbean de pearsa a tha beò fhathast.

Nochdaidh taibhse a rabhadh de cunnairt (mar banshee no ban-nighe). Nochdaidh taibhse a thoirt teachdaireachd no naidheachd. Nochdaidh taibhse air là cudthrom mar comh-ainm latha a bhàs.

Chan urrainn dhan mhòr-chuid de taibhsean a bhruidhinn ri cuideigin ach 's urrainn do taibhsear a bhruidhinn ris a' mhòr-chuid de taibhsean.

'S e bòcain a tha ann an cuid de taibhsean-creutair, uilebheistean no creutairean-sìth no -fuath. Air an làimh eile, bha taibhse-cait gam thadhal ann siud is seo, ach chan eil i a-nis. Cadaladh i leam nuair a bha mi a' gabhail norrag.
Tags: field guide, leabhar-lann, neo-shaoghalta
  • Post a new comment

    Error

    Anonymous comments are disabled in this journal

    default userpic

    Your reply will be screened

    Your IP address will be recorded 

  • 1 comment