puxill (puxill) wrote,
puxill
puxill

Ùr-bheist

às leabhar-lann seallaidhean neo-shaoghalta
9mh am Faoilleach
naoidheamh là deug a' Gheamhraidh

Dh'fhuair mi an aithris seo mu dheidhinn eòin gur e ùr-bheistean a th' annta air an eadar-lìn an-diugh. Tha sin a' ciallachadh gur e leth mar leth a th' annta; leth-chuid aon eun agus an dara leth aon eile.

Twinzy, buidsidh ùr-bheist
Seo Twinzy gur e buidsidh no paracait ùr-bheist a th' annad. Tha e leth-chuid buidsidh gorm agus tha an dara leth buidsidh uaine.

Dh'fhuair mi an aithris seo cuideachd. Seo mu dheidhinn Venus. 'S i ùr-bheist cait a tha innte. 'S dòcha. Chan eil na luchd-saidheans cinteachd gu leòr. Dè ur beachd?


Chaidh na ùr-bheistean seo air a dhèanamh nuair a chaidh dà shuthan diofar - leanabh càraid nach eil co-ionnann, tha fios - a mheasgachadh anns a' bhroinn (no anns an ugh, anns an cùis gur e eun). 'S e a' chàraid aige-sa fhèin a th' ann an ùr-bheist!

Tha Twinzy fireannach agus tha Venus boireannach; tha sin a' ciallachadh gun robh an dà chuid dhen chàraidh fireannach no boireannach ron a chaidh iad a mheasgachadh. Nuair a bha aon chàraid boireannach agus an dara leth fireannach, 's e fireann-boireann a th' ann an ùr-bheist sin. Mar an eun seo :--


Agus tha cuid dealbhan de ùr-bheistean eile air an duilleag seo.


'S e aon chuid leomhain, aon chuid gobhair agus aon chuid dreagain a bha ann an ùr-bheist chlasaigeach. Bha Chimera an t-ainm a bha air a' chiad ùr-bheist agus 's i boireannach. Bha trì cinn oirre, no 's dòcha ceithir. Aon leomhain, aon gobhair agus aon dreagan. Bha earball nathrach oirre agus uaireagan bhiodh ceann nathrach ann aig ceann earbaill. Leis nimh-fhiaclan! Cuideach bha sgiathan dreagain oirre. Thilg i smugaid-thiene mar dreagan.

Dh'fhuirich Chimera anns an Lycia, Aisia Bheag, air an Beinn Chimaera. Bha a mathair Echidna a bha boireannach bho a ceann gus a meadhan agus bha nathair bho a meadhan gus a ... uill, tha earball nathrach mòr mhòr oirre an àite casan. Thug iad "Mathair de uile-bheistean" mar ainm air Echidna.

Bha Typhon an t-athair aig Chimera. Bha e dia dha gaillean-mòr agus bha an cruth aige ... uabhasach gu leòr.

Mharbh Bellerophon an gaisgeach Chimera.
Tags: field guide, leabhar-lann, uile-bheist
  • Post a new comment

    Error

    Anonymous comments are disabled in this journal

    default userpic

    Your reply will be screened

    Your IP address will be recorded 

  • 1 comment