puxill (puxill) wrote,
puxill
puxill

Fiadh-dhaoine Ameireaganach

Sasquatch no "Bigfoot" (Cas-mhòr)

às an leabhar-lann seallaidhean neo-shaoghalta
DiArdaoin 8 am Faoilleach
ochdamh là deug a' Gheamhraidh

Chunnacas air DiArdaoin 1 am Faoilleach air camara trafaige anns an Arizona, Staitean Aonaichte, Ameireaga (http://www.huffingtonpost.com/2015/01/07/sasquatch-family-arizona-roadside_n_6425648.html)

Chuir e sneachd anns an Arizona (Staitean Aonaichte, Ameirega) anns na laithean mu dheireadh dhen seann bhliadhna. Agus air aon camara trafaige bha dealbh seo a' nochdadh teaghlachd fiadh-dhaoine a' cluich anns an t-sneachda.

A-rèir choltais, ge-tà, ach na toir breith a-rèir choltais, mar bidh a sean-fhacal a ràdh. Chan eil iad fiadh-dhaoine sam bith ach cleas a bhan na daoine aig Roinn an Trafaig (DOT) aig Arizona a' dèanamh. Thuirt Tim Tait, a tha am fear-labhairt airson DOT, gur ann soilleir a tha na fiadh-dhaoine preasan no plocan a chionn a tha iad an-seo fhathast as dèidh là no dhà. ('S urrainn dhuibh a fhaicinn iad sibh-fhèin an-seo - http://www.az511.gov/hcrsweb/files/rwisCam387.html - an dèidh dh'èirigh an grian, tha fios.)

Thuirt e gun chuir iad aig an Roinn an dealbh suas air an eadar-lìnn mar cleas.




Fuirichidh fiadh-dhuine Ameireaganach, air a thug Sasquatch, no "Bigfoot" (cas-mhòr) mar ainm, anns an taobh iar-thuath dhen Ameireaga - anns na Staitean dhen Oregan, Washington, ceann tuath den California. 'S dòcha Montana. Bhiodh Arizona ro fhada deas orra.

Tha Sasquatch faisg air seachd troighean a dh'àirde. Tha coltas duine saoghalta mòsach air. Tha e uabhasach drùid; cha toigh leis a bhith air a fhaicinn. Cha toigh leis trioblaid, cha bhi e a' sabaid, teichidh e agus thèid e am falach. O chionn sin chan eil dealbhan math dha.
Tags: field guide, leabhar-lann, neo-shaoghalta, sithichean, uile-bheist
  • Post a new comment

    Error

    Anonymous comments are disabled in this journal

    default userpic

    Your reply will be screened

    Your IP address will be recorded 

  • 1 comment